MARBH-RANN

An nochd ’s luaineach mo chadal,
’S mi ri gluasad am leabaidh gun tàmh,
Leis a’ bhruaillean s’ th’ air m’ aigne,
O, cha dualach dhomh fada bhi slàn.
Chuir mi cèile mo leapa,
Ann an ciste chaoil, ghlaiste nan clàr ;
’S trom a’ chìs thug an t-eug dhiom ;
Bidh mi cumha mu d’ dhèibhinn gu bràth.

Bi so bliadhna mo chlisgidh,
’N ochd ceud deug ’s an da fhichead ’s a trì,
’N dara miosa de ’n t-samhradh,
’S a’cheud là dhe, thug teann orm sgrìob :
Nuair a chàirich mi, ghaoil, thu,
Ann an lèine de ’n chaol-anart ghrinn,
’S tu gun chlaisteachd gun lèirsinn
’S goirt an t-saighead bha reubadh mo chrìdh’.

’S beag an t-ioghnadh sin dhòmhsa,
Bhi fo mhulad ’s am bròn air mo chlaoidh ;
Tha mi nis ann am ònrachd,
’S bean mo thighe an còmhnuidh ’gam dhìth.
Chaill mi cèile glan m’ òige,
’S c’ àite ’m faic mi cho bòidheach ’s an tìr ;
Bha do nàdur ’s do bheusan
Ag co-fhreagradh dha chèil’ anns gach nì.

’S i do ghnùis a bha àluinn,
’S gu ’m b’ e teisteanas chàich ort gu ’m b’ fhìor ;
Bha do phearsa gun fhàilinn,
Bho do mhullach gu sàiltean do bhuinn :
Bha do ghruaidh mar na ròsan,
Slios mar eala nan lòn air na tuinn ;
’S e bhi d’ chumha mo chòmhradh,
Is cha tèid thu ri m’ bheò as mo chuimhn’,

’S e bhi brònach is gnàth’s dhomh,
Bho’n a rinn mi do chàireadh ’s an ùir,
Bheir gach aon rud a dh’ fhàg thu
Ann am shealladh gach là thu as ùr,
Bheir e laigse air mo nàdur,
Agus sileadh gu làr air mo shùil :
Chaidh mo mhisneach gu fàilinn,
Bho na chuir mi thu ’n càireadh ’s na bùird

An àm laighe agus èirigh,
’S tu mo leabhar ’g a leughadh ’s mi sgìth ;
Chuir a’ bhliadhna so ’n èis mi,
’S chan e beairteas no sprèidh tha ’gam dhìth.
’S e ar sgaradh o chèile
Dh ’fhàg mi airsnealach, èisleineach, tinn ;
Dh ’fhalbh mo lathaichean èibhinn,
Chan eil leigheas aig lèigh dhomh ri tìm.

’S goirt an leagadh a fhuair mi,
Bho ’n a rinn mi bhean-uasal a chall,
Leis an teachdaire ghruamach
Aig gach dorus tha bualadh ’na àm :
Thilg e saighdean a lot thu,
’S cha robh feum ann am dhotaireachd ann ;
Is bho ’n dh’ fhàg mi ’sa chnoc thu,
Gur a dilleachdain bhochda do chlann.

Leam is duilich do phàisdean,
Gur a lag iad ’s gun mhàthair ri ’n cùl ;
’S sinn mar luing air a fuadach,
Ann an ànnrath a’ chuain thar a cùrs’ ;
Tha i ’n cunnart gach stuaidhe,
Bhrist na ceanglaichean, dh’ fhuasgail an stiùir ;
Tha chairt-iùil air a sracadh
Dh’ fhalbh a’ chombaist, na slatan, ’s na siùil.

Thàinig dìth air an fhàrdaich
Nuair a dh’ èirich muir-bàite fo chròic ;
Thuit craobh ubhal mo ghàraidh,
’S gu ’n do fhroiseadh am blàth feadh an fheòir ;
Chaidh mo choinneal a smàladh,
Bu ghlan solus a’ deàrrsadh mu ’n bhòrd ;
Bhrist an gloine bha ’m sgàthan ;
Dh ’fhalbh an daoimean à m’ fhàinne glan òir.

Tha mo chridh’ air a mhùchadh,
’S mi gun mhànran, gun sùgradh, gun cheòl ;
’S trom an t-eallach a dhrùidh air,
Ged is èiginn domh ghiùlan le bròn.
Bha mi roimhe so sùnndach,
Nuair a fhuair mi le cùmhnant ort còir ;
Rinn a’ chuibhle orm tionndadh,
Bho ’n a dhalladh do shùilean fo sgleò.

’S i do shùil bu ghlan sealladh,
Cha robh gruaim air do mhala no sgraing,
Bha thu fiùghantach fialaidh,
’S tu bu shìobhalta briathran is cainnt.
’S i do làmh nach biodh dìomhain,
’S bu ghlan obair bho d’ mhiaran gun mheang :
’S ann an nochd tha mi cianail,
’S e bhi d’ ionndrainn a liath mi gun taing.

Theirig samhradh mo làithean,
Tha mi uireasbhach, cràiteach gu leòir ;
Thàinig geamhradh ’na àite,
Dhòirt na tuiltean gu làr bho na neòil ;
’S mi mar dhuine ann am fiabhras,
No fear-seachrain air sliabh ann an ceò ;
Chuir mi iuchair mo riaghailt,
Ann an tasgaidh ’sa bhliadhna bha còrr.

Bha thu gleusda, làn gliocais ;
Bha thu cùramach, tuigseach, gun phròis ;
Fhad ’s a bha thu air faotainn,
’S tu gu ’n cumadh an teaghlach air dòigh ;
Ach a nis, bho ’n a chaochail thu,
Thèid sgapadh ’s gach aon de na meòir :
’S mise an truaghan ri m’ shaoghal,
’S nach eil leigheas ri fhaotainn do m’ leòn.

Ged a thèid mi ’s an leabaidh,
Cha tig buaireadh a’ chadail am cheann ;
’S ann tha m’ inntinn cho luaineach
Ris na duilleagan uaine air a’ chrann ;
Bidh tu ’m bhruadaran còmhl’ rium,
’S bidh mi dùsgadh gu deòir ’s gun thu ann ;
’S iad mo smaointinnean uaigneach,
Thu bhi d’ shìneadh fo ’n fhuar-lic ud thall.

Tha do mhàthair fo èislein,
’S beag an t-ioghnadh a ceum a bhi mall,
’S i mar chraoibh dheth ’n do ghearradh
A meòir àrda, ghrinn, fhallain gun mheang
’S tric a nead air a spùinneadh,
Bho ’n a thàinig i ’n dùthaich so nall ;
Chneadh is ùire ’si ’s gèire,
’S goirt an lot tha fo sgèith aig an àm s’.

Thàinig creach a bha geur oirr’,
Mar gu ’n tuiteadh beum-slèibhe le gleann ;
Fear a tighe ’s a mac, bha
Còmhla sìnte fo shlacraich nan tonn.
’S bu duine uasal deas tlachdmhor,
Dheanadh ceannard air feachd ann an camp,
Sàr Mhac Naomhain a bh’ aice,
Bha e suairce ’na chleachdadh ’s gach àm

B’ e sin sgiobair a’ bhàta,
Nuair a thogte siùl àrda ri crann.
’S e gu ’m feuchadh a h-àsaig,
’S i ri astar air sàile ’na deann.
Fhad ’s a bha e an làthair,
Gu ’n robh misneach gun dànachd ’na cheann :—
Inntinn shoilleir na lèirsinn
Agus cridhe na fèile neo-ghann.

Ach ’s e aobhar mo ghearain-s’
Bean mo ghaoil a bhi ’m falach ’sa chill :—
’G èisdeachd gàirich do leinibh,
Nuair a bha thu ’s an anart gun chlìth,
’S fuaim an ùird ris an tarruing,
Aig na saoir ’ga do sparradh fo dhion ;
Thàinig gaoir ann am bhallaibh,
’S dh’èirich cràdh a bhios maireann am chrìdh’.

B’e so samhradh a’ chruadail,
Dh’ fhàg mo leaba ’s mo chluasagan lom ;
Tha mo chòmhuidh cho uaigneach,
’S ged a bhithinn an uamha nan toll ;
Gun bhi d’ fhaicinn ri m’ ghualainn
’S e chuir ’n aiceid tha buan ann am chom ;
Tha mo chridhe fo smuairean,
’S e mar chudthrom na luaidhe ’s gach àm.

Gu de ’n stà dhomh bhi ’g iomradh
Air do bheus bho ’n a dh’ fhalbh thu ’s nach till !
’S ann tha ’n sean-fhacal dearbhte,—
Dh’ fhiosraich pairt e bhi searbh anns gach linn,—
Gu ’m bi sùil ri beul fairge,
’S nach bi sùil ri beul rèidh-lice chaoidh ;
Dh’ fhàg sin mise mar bhalbhan,
’S bidh mi tarruing le m’ sheanachas gu crìch.

Bidh mi nis ag co-dhùnadh,
Chan eil feum dhomh bhi d’ ionndrainn, a ghràidh ;
Ged a leanainn as ùr thu,
Gheibhinn cuimhneachain thùrsaich mu d’ bhàs.
Tha ar beatha neo chinnteaich,
Air a coimeas ’s an fhìrinn ri sgàil ;
’S coigrich sinn anns an tìr so,
’S thèid sinn uile gu sìorruidheachd gun dàil.